Caley Thistle a-mach

Caley Thistle Image copyright SNS

Chaill Caley Thistle Inbhir Nis grèim air Cupa na h-Alba is iad air call 2-1 ri Hibs ann an Inbhir Nis.

Chuir Iain Hughes Richie Foran air ais dhan sgioba, a' chiad turas a bha an Èireannach air geama a thòiseachadh ann an cha-mhòr dà bhliadhna.

Thill Josh Meekings cuideachd, is Gary Warren is Carl Tremarco air ais às dèidh dhaibh a bhith air an casg.

Mar a thachair, ge-tà, b' e fear a bha Hughes air feuchainn ri thoirt gu tuath a rinn cron air Caley Thistle.

Roghnaich Anthony Stokes Dùn Èideann seach Inbhir Nis san Fhaoilleach, is ged nach deach cho math dha aig Hibs thuige seo, sheall e carson a bha Hughes ga iarraidh.

Air thoiseach

B' e Stokes a chuir Hibs air thoiseach às dèidh 36 mionaidean.

Cha do dhèilig ICT ri ball a-steach dhan bhogsa is stiùir Stokes dhan lìon e.

Còig mionaidean às dèidh sin bha mearachd eile ann an loidhne dìon Inbhir Nis agus, ged a chuir Owain Fon Williams stad air oidhirp Jason Cummings, bha Stokes ann gus am ball a dhrilleadh dhan lìon.

Rinn Caley oidhirp mhòr san dàrna leth grèim a chumail air a' chupa is Hughes a' cur Liam Polworth, Miles Storey is Danny Williams air.

Le 13 mionaidean air fhàgail thàinig dòchas, Iain Vigurs le tadhal às dèidh dha Foran cothrom a chruthachadh dha.

Thug ICT ionnsaigh às dèidh ionnsaigh air Hibs an uairsin, is am measg a h-uile sian a bh' ann, chaidh fear-glèidhidh Hibs, Mark Oxley, dheth is e air a ghoirteachadh.

Cha tàinig an tadhal a bha ICT ag iarraidh is 's e Hibs a bhios an aghaidh Dundee Utd san iar-chuairt dheireannaich.

Togail

Feumaidh Iain Hughes a-nise an sgioba aige a thogail is obair aca ri dhèanamh fhathast gus an t-àite aca sa Phrìomh Lìog a chumail.

Tòisichidh sin Disathairne le geama an aghaidh nan nàbaidhean aca, Ross County, ann an Inbhir Pheofharain.

Thog County puing eile ann am Peairt oidhche Chiadain.

Bha Dàibhidh Wotherspoon air St Johnstone a chur air thoiseach ach a dh'aindeoin sgìths is dìreach trì là bho thog iad Cupa na Lìge, chum County a' dol.

Fhuair iad tadhal às dèidh 66 mionaidean.

Chaidh Liam Boyce a leagail sa bhogsa le Steafan MacAnndrais is chuir Brian Greumach am breab-peanais dhan lìon.

Dh'fhàg sin gu bheil County fhathast sa 4mh àite san lìog is làn dòchais air thoiseach air an dearbaidh Disathairne.