Òraidichean air stailc
- Air fhoillseachadh
Thèid òraidichean cholaistean na h-Alba air stailc Diardaoin, is iad mì-thoilichte mu ìrean pàighidh.
Cuiridh seo clasaichean troimhe-chèile le cuid de thogalaichean an dùil a bhith dùinte.
A rèir aonadh ciùird nan òraidichean, an EIS, tha an stailc seo air a bhith a' tighinn airson ùine.
Dh'iarr na colaistean orra an stailc a chur dheth.
Dh'fhaodadh gur e an stailc seo dìreach a' chiad tè ann an sreath mura tèid cùisean a rèiteach.
'S iad na prìomh adhbharan gearain a th' aig an aonadh, àrdachadh pàighidh de dìreach 1%, agus eadar-dhealachadh mòr anns na tha òraidichean aig diofar cholaistean a' faighinn.
Thuirt a' bhuidheann Colaistean na h-Alba gu bheil iadsan den bheachd nach eil aonta fada às, agus dh'iarr iad air an aonadh an stailc a chur dheth.
Cleachdaidh an t-aonadh an stailc airson cuspairean eile a tha gam fàgail mì-thoilichte a thoirt am follais, leithid am maoineachadh a tha colaistean a' faighinn.
Mura tigear go aonta a dh'aithghearr, dh'fhaodadh barrachd stailcean nas fhaide - dhà agus trì là - a bhith ann suas chun an t-Samhraidh.