Crainn-ghaoithe "nan cunnart"

  • Air fhoillseachadh
EurofighterTùs an deilbh, Thinkstock

Is coltach gun tèid cead-dealbhachaidh a dhiùltadh do thuath-ghaoithe sam biodh trì chrainn ann an Gallaibh ri linn cunnart do radar Feachd an Adhair.

Dh'iarr a' chompanaidh Wind Harvest Eta cead dha na crainn aig Hill of Lychrobbie, faisg air Dùn Beithe.

Ach tha Ministearalachd an Dìon (MoD) air gearain gur dòcha gun toireadh na crainn buaidh air an radar aca aig RAF Inbhir Lòsaidh ann am Moireibh.

Chaidh iarraidh air Comhairlichean na Gàidhealtachd cead a dhiùltadh dhan sgeama.

Thuirt oifigich dhealbhachaidh aig a' Chomhairle, fhad 's a bha iad ag aithneachadh gun toireadh an tuath-gaoithe buannachd do choimhearsnachdan na sgìre, gum feumte feart a thoirt air gearain an MoD.

Thug na h-oifigich fa-near gun robh a' chompanaidh air feuchainn ri rèite fhaighinn leis an MoD.

Beachdaichidh comhairlichean air moladh nan oifigeach cead-dealbhachaidh a dhiùltadh aig coinneimh an ath-sheachdain.

'S ann aig RAF Inbhir Lòsaidh, air taobh a deas Linne Mhoireibh, a tha itealain Typhoon agus Tornado le Feachd an Adhair stèidhichte.