Draghan ùra mu thaic àiteachais

Liosta

Tha draghan ùra air nochdadh mun t-siostam ùr coimpiutaireachd aig Riaghaltas na h-Alba 'son subasaidhean àiteachais a làimhseachadh.

Chaidh an siostam na bhùrach is na mìltean de chroitearan is tuathanaich fhathast a' feitheamh taic.

Tha cosgais na pròiseict air èirigh bho £102.5m gu £178m.

Stèidhich Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba rannsachadh air mar a chaidh na cosgaisean sin suas.

Tha am BBC a-nise air fios mun chùis fhaighinn tro Achd Saorsa an Fhiosrachaidh.

Stiùiriche

Sheall an t-iarrtas sin gun robh fear a bha roimhe na stiùiriche air an t-siostam ùr IT cuideachd na stiùiriche air companaidh a thug luchd-obrach dhan phròiseict.

Tha luach na companaidh aig Dominic Prabhu, Spectromax Solutions, air èirigh timcheall air £3.4m ann am bliadhna.

Sheall rannsachadh FOI mu phròiseict an Riaghaltais gun deach, taobh a-staigh sia mìosan, luchd-obrach anns an Rìoghachd Aonaichte a chur às an dreuchdan.

Aig an aon àm, dh'èirich an àireamh de luchd-obrach anns na h-Ìnnseachan.

A rèir Iain Dunning, a bha uair ag obair air a' phròiseict, bha luchd-obrach às na h-Ìnnseachan sa chumantas air an dàrna leth den tuarastal a bha feadhainn às an Rìoghachd Aonaichte.

Co-dhùnadh

Thuirt Riaghaltas na h-Alba agus Dominic Prabhu nach ann aigesan a bha co-dhùnadh air daoine fhastadh dhan phròiseict IT.

Thuirt an Riaghaltas gu bheil Spectromax a' toirt seachad seirbheis dha CGI, a' chompanaidh a tha os cionn na pròiseict, is nach eil cùmhnant aig an Riaghaltas ri Spectromax.

Thuirt Mgr Prabhu cuideachd nach eil ceangal sam bith eadar prothaidean na companaidh aige is mar a chaidh luchd-obrach à dùthchannan cèine fhastadh dha pròiseict IT an Riaghaltais.

Thuirt CGI fhèin gu bheil e àbhaisteach gum biodh na seirbheisean a tha iad a' toirt seachad ag atharrachadh tro ùine gus feumalachdan an luchd-cleachdaidh a choileanadh.

Dh'innis iad gu bheil measgachadh de luchd-obrach aca às an Aonadh Eòrpach agus dùthchannan eile, cuid air cùmhnantan maireannach is feadhainn air cùmhnantan nas giorra.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile