Gàidhlig na buannachd do thurasachd
- Air fhoillseachadh

Thuirt buidheann turasachd na h-Alba, VisitScotland, gu bheil iad ag amas air brath a ghabhail air "an ùidh mhòir" a tha aig luchd-turais ann an Gàidhlig agus cultar nan Gàidheal.
Sheall rannsachadh a rinn a' bhuidheann gu bheil ùidh aig aon duine anns gach triùir den luchd-turais a tha a' tighinn a dh'Alba sa Ghàidhlig.
Tha cuid a tha ag obair ann an gnìomhachas na turasachd air innse roimhe gu bheil cothroman mòra ann leis a' Ghàidhlig.
Tha fear dhuibh sin, Coinneach MacIlleathain bhon chompanaidh Iùl, ag ràdh gun robh VisitScotland car slaodach a' togail air sin.
"Ath-bheòthachadh"
"Tha seòrsa de dh'ath-bheòthachadh a' tighinn air a' bhuidhinn seo, tha iad a-nise ag aideachadh gu bheil feum air choireigin sa Ghàidhlig", thuirt Mgr MacIlleathain.
"Sia bliadhna air ais bha mi aig coinneimh còmhla ri VisitScotland agus Bòrd na Gàidhlig agus dh'iarr sinn orra aig an àm ud ceist mun Ghàidhlig a chur gu luchd-turais.
"Tha sinn air a bhith a' feitheamh sia bliadhna airson sin nochdadh.
"Chan eil e a' cur iongadh orm gu bheil an luchd-turais a tha a' tighinn uabhasach deònach, trìan dhiubh no barrachd, deònach tuilleadh a chluintinn mu dheidhinn na Gàidhlig agus cultar na Gàidhlig", thuirt e.
Foillsichidh a' bhuidheann am plana Gàidhlig aca an ceann cola-deug.
Feallsanachd
Tha Mgr MacIlleathain ag ràdh gum feum iad sealltainn sa phlana ud gu bheil an fheallsanachd aca air atharrachadh.
"Bhiodh e math dìreach fhaicinn am facal Gàidhlig agus dhà no trì faclan Gàidhlig.
"Bu mhath leam beagan fhaicinn mu dheidhinn cultar na Gàidhlig, a bharrachd air dìreach pìobaire an aona phuirt.
"Mar as trice sin an aon shealladh a tha thu a' faicinn mu Ghàidhlig ann an Alba. Agus dìreach àite dhan Ghàidhlig, a' cantainn gun robh Gàidhlig a-riamh na bun-stèidh do chultar Albannach gu lèir agus gu bheil e fhathast ann", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh20 An Lùnastal 2015
- Air fhoillseachadh22 An Giblean 2015