Còmhraidhean nan colaistean
- Published
Bidh còmhraidhean ann Dihaoine ann an oidhirp stailcean eile am measg luchd-teagaisg cholaistean a sheachnadh.
Bha 4,000 oraidichean aig 19 colaistean an sàs ann an stailc Diardaoin.
Tha luchd-obrach mì-thoilichte mu ìrean pàighidh, am measg rudan eile.
Chaidh àrdachadh pàighidh 1% a thabhainn ach tha Aonadh an EIS ag ràdh gu bheil diofar de suas ri £10,000 aig cuid a tha a' dèanamh na h-aon dreuchd ann an colaistean eadar-dhealaichte.
Chuir cha-mhòr 90% a bhòt ann am baileat an EIS taic ri stailc.
Buaidh
Bha buaidh Diardaoin air clasaichean air feadh lìonra Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.
Mura gabh aonta a ruighinn, thèid luchd-obrach air stailc a-rithist Dimàirt is Diciadain an ath-sheachdain.
Uile gu leìr, dh'fhaodadh gum bi 34 stailcean a bharrachd ann eadar seo is deireadh na h-Òg-Mhìos.
Bidh na còmhraidhean eadar an EIS is Colaistean na h-Alba ag amas air adhartas a dhèanamh feuch na stailcean ud a sheachnadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 17 Am Màrt 2016