Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Imrichean

Tha ceannardan an Aonaidh Eòrpaich a' coinneachadh anns a' Bhruiseil an-dràsta ri Prìomhaire na Tuirce, 's iad a' deasbad plana airson èiginn nam fògarrach. Fon phlana sin dheadh luchd-imrich às an Tuirc dhan Ghrèig a chur air ias dhan Tuirc, agus mu choinneimh sin bhiodh taic-airgid ann dhan Tuirc, agus cead aig muinntir na Tuirce siubhal dhan AE gun bhìosa. Ach thuirt Ceann-suidhe Erdogan na Tuirce gum feum na dùthchannan Eòrpach sùil a thoirt air an eachdraidh fhèin air in-imreachd mus tòisich iad air innse dhan Tuirc dè bu chòir dhi a bhith a' dèanamh.

Sochairean Chiorramach

Chan eil Roinn na h-Obrach 's nam Peinnsean ag ràdh mòran idir mu aithrisean gu bheil an Riaghaltas am beachd gèilleadh gu ìre leis a' phlana chonnspaideach airson casg air cuid de na sochairean do chiorramaich. Tha cùl-bheinngearan Tòraidheach a' maoidheadh a dhol an aghaidh an Riaghaltais air a' chùis.

Truailleadh Fala

Bheir Riaghaltas na h-Alba tuilleadh airgid do dhaoine a chaidh a thruailleadh le fuil a fhuair iad bhon NHS. Gheibh feadhainn a fhuair hepatitis C tuarastal a rèir teachd-a-steachd chumanta na dùthcha, mu £27,000 sa bhliadhna. Gheibh daoine air an tàinig HIV sùim nas motha na sin.

Na Làbaraich

Thuirt Ceannard nan Làbarach an Alba gun cuireadh Riaghaltas Làbarach ann an Alba às dha na gearraidhean a tha an SNP agus na Tòraidhean a' moladh. Thuirt Kezia Dugdale, ro cho-labhairt nan Làbarach ann an Glaschu a-màireach, gun cuireadh iad na cumhachdan ùra a gheibh Alba an ath-bhliadhna am feum airson cìsean àrdachadh airson tuilleadh airgid a chosg air foghlam.

High Life na Gàidhealtachd

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach ann ag amas air cosnaidhean a ghearradh a tha iad le plana airson seirbheisean sgoiltean a chur fo smachd buidhne a bhuineas dhan Chomhairle fhèin. Thèid plana mu choinneimh na Comhairle anns a' Chèitean airson seirbheisean glanaidh, bìdh, agus dorsaireachd nan sgoiltean a thoirt dhan bhuidhinn High Life.