BBC Naidheachdan

Rabhadh mu "Ghraf an Dòlais"

Published
image copyrightGetty Images
Tha rabhadh ga thoirt do Chomhairle na Gàidhealtachd gum feum iad crathadh a thoirt air an ùghdarras gus dèiligeadh ri gearraidhean leantainneach.
Cluinnidh coinneamh shònraichte den Chomhairle gu bheil aca ri sùil a thoirt air structar an ùghdarrais, mar a tha iad a' cosg airgid is mar a tha seirbheisean gan toirt seachad.
A rèir phàipeir bho Àrd-Oifigear na Comhairle, Steve Barron, dh'fhaodadh gu bheil linn de ghearraidhean gu bhith ann, le sàbhalaidhean a bharrachd gach bliadhna.
Tha e a' togail air rannsachadh a rinn Comhairle Bharnet ann an Lunnainn.

Buaidh

Rinn iad sgrùdadh air buaidh nan gearraidhean a bh' aca thuige seo air seirbheisean.
Thuirt iad gu bheil cunnart ann nach bi airgead aca ann an 2022 ach 'son cùram inbhich is seirbheisean cloinne.
'S e "Graf an Dòlais" a thug iad air an t-suidheachadh.
Tha Steve Barron ag ràdh gu bheil e follaiseach nach urrainn dhan Chomhairle na seirbheisean air fad a bh' aca bho thùs a thoirt seachad.

Amasan

Bidh aig an ùghdarras ri atharrachadh, tha e ag ràdh, agus sùil às ùr a thoirt air na prìomh amasan aca.
Thathas a' moladh do chomhairlichean buidheann-obrach thar phàrtaidh a stèidheachadh - le taic bhon t-sluagh - 'son coimhead ris a' chùis.
Thigeadh molaidhean bhon bhuidhinn ro dheireadh na bliadhna.
Thèid an gnothach a dheasbad le comhairlichean aig a' choinneimh Diardaoin seo tighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Aonta air buidseat na Gàidhealtachd