Caol Bhòid is am Baile Ùr co-ionnan

  • Air fhoillseachadh
Tòmas WhyteTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,
Bha Tòmas Whyte am measg nan tadhal dha Caol Bhòid Disathairne.

Chrìochnaich geama mòr an là ann am Prìomh Lìog na h-iomain co-ionnan is tadhal anmoch a' gleidheadh phuing do Chaol Bhòid ann an Taigh na Bruaich.

Bha Caol Bhòid air a dhol air thoiseach an aghaidh Bhaile Ùr an t-Slèibh tràth le tadhal bho Thòmas Whyte.

Fhreagair am Baile Ùr gu làidir is tadhail bho Evan Menzies is Chris Sellar gan cur air thoiseach 2-1 aig lethach slighe.

Sin mar a dh'fhuirich cùisean dha na dìogan mu dheireadh.

Fhuair Caol Bhòid slaic-peanais is fear-ghlèidh a' Bhaile Ùir, Owen Friseal, ga chur far na pàirce.

Chuir Robbie MacLeòid am ball dhan lìon gus na puingean a roinn.

Moch is Anmoch

Bha tadhail ann moch is anmoch ann am Port Rìgh cuideachd.

Chaidh Camanachd an Òbain air thoiseach gun fiù 's mionaid air a' chleoc, oidhirp bho Willie Neilson a' tighinn far chluicheadair eile air an rathad dhan lìon.

Air ais gun tàinig na Sgitheanaich, Jordan Murchison le tadhal às dèidh 29 mionaidean às dèidh do Ghavin Stobbart stad a chur air oidhirp bho Iain MacNeacail.

Chuir Murchison na Sgitheanaich air thoiseach le 17 mionaidean air fhàgail, tadhal a chruthaich e dha fhèin.

Bha coltas ann gum biodh sin gu leòr 'son na puingean a chumail ann am Port Rìgh, ach nochd Daniel Camshron le slaic air leth sa mhionaid mu dheireadh is chrìochnaich an geama 2-2.

Ceann a' Mhaide

Briseadh-dùil dha na Sgitheanaich ach tha iad air sealltainn mar-thà san dà gheama a bh' aca gu bheil na comasan aca ceann a' mhaide a chumail ri sgiobaidhean na Prìomh Lìge.

Tha Ceann a' Ghiuthsaich air mullach na lìge. Rinn iad an gnothach air Ceann Loch Seile 2-1 le tadhail bho Thòmas Borthwick.

Às dèidh droinneadh fhulang an t-seachdain seo chaidh, bha là tòrr na b'fheàrr aig Lòbhat is iad a' soirbheachadh 5-1 an aghaidh Loch Abair aig an taigh.

Bhuannaich Gleann Urchadain 'son a' chiad turas cuideachd, 3-1 ann an Druim na Drochaid an aghaidh a' Ghearasdain.

Tha sin a' fàgail a' Ghearasdain aig bonn na lìge.

Bha droch thoiseach-tòiseachaidh aig Camanachd Leòdhais ann an Loch Carran, na Carranaich air thoiseach 2-0 às dèidh beagan is 20 mionaid.

Cunnart

Às dèidh dhaibh call 9-0 ann an Srath Pheofhair sa chiad gheama aca, bha cunnart an seo gun robh pronnadh eile a' tighinn dha na Leòdhasaich.

Thog iad na cinn, ge-tà, is chaidh iad an sàs ann an Loch Carran.

Thàinig tadhal anns na mionaidean mu dheireadh bho Phòl Duke is rinn na Leòdhasaich oidhirp an uairsin air puing a ghleidheadh.

Chrìochnaich an geama 2-1 dha Loch Carran ach b'e ceum air adhart a bha seo dha Camanachd Leòdhais.

Thèid iad gu Fàrr Disathairne air am misneachadh gun urrainn dhaibh a' chùis a dhèanamh a-rithist air Both Fhleisginn.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh