Ceist mu dhleasdanas croitearachd

Dh' innis Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad gu math mì-thoilichte às dèidh do Iomairt na Gaidhealtachd 's nan Eilean innse nach eil dleasdanas sònraichte orrasan airson croitearachd a leasachadh.

Nuair a chaidh atharrachadh thoirt air obair Choimisean na Croitearachd, bha dùil gur e HIE a ghabhadh obair leasachaidh croitearachd os làimh.

Ach ann an litir tha cathraiche na buidhne iomairt, Lorne Crerar, ag ràdh nach ann orrasan a tha uallach airson nan coimhearsnachdan croitearachd san fharsaingeachd a leasachadh, 's nach robh a-riamh uallach airson croitearachd fhèin orra.

Bha e ag ràdh nach robh a bhith a' leasachadh croitearachd fhèin a-mhàin na amas aca idir.

Thuirt an Comhairliche Dòmhnall Crichton, Iar-chathraiche Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar: "'S e naidheachd ùr a tha seo dhuinne.

"Bha dùil againne nuair a chaidh an achd mu dheireadh tron phàrlamaid gun robh brosnachadh is ath-leasachadh croitearachd gu bhith na dhleasdanas dha HIE.

"Chaidh airgid a-null bhon choimisean gu HIE airson an dearbh dhleasdanas a tha sin."