Làmhadh-deighe ga lorg

Image copyright Police Scotland
Image caption Chaidh Tim Newton agus Rachel Slater a dhìth bho chionn còrr air mìos

Chaidh làmhadh-deighe a lorg anns an sgìre de Bheinn Nibheis far an robhar a' coimhead airson Tim Newton, 27, agus Rachel Slater, 24. à Bradford.

Chaidh fios a chur a-mach gun robh iad a dhìth air an 15mh den Ghearran.

Lorg streapadair eile an làmhadh aig bonn sgìre de Bheinn Nibheis air am bitear a' gabhail Shroud/Boomers Requiem.

Dh'iarr luchd-teasargainn nam beann air duine sam bith a chaill làmhadh fios a chur chun na poilis, gun fhios nach buin i do chuideigin eile.