Luchd-fianais gan sireadh

Tha na poilis ann am Moireabh ag iarraidh air luchd-fianais a thighinn air adhart às dèidh mar a chaidh deugaire a bh' air baidhsagal a mharbhadh ann an tubaist rathaid.

Bhàsaich am balach, a bha 16, aig làraich na tubaist.

Thachair an tubaist le Volkswagen Golf geal air a' B9010 Farrais gu Ceallais madainn na Sàbaid.

Cha deach am balach ainmeachadh fhathast.