Sgeama nan gèadh ga leudachadh
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Getty Images
Bha dùil gun tigeadh an spadadh ann an Leòdhas 's na Hearadh gu ceann aig deireadh a' Mhàirt.
Leudaichidh Dualchas Nàdair na h-Alba sgeama a bheir cead do dhaoine ann an Leòdhas 's na Hearadh losgadh air geòidh ghlasa.
Bha dùil gun tigeadh an spadadh gu ceann aig deireadh a' Mhàirt ach cumaidh e a' dol a-nis chun an 16mh là den Ghiblean.
'S e seo an dàrna bliadhna den sgeama, 's a' bhuidheann ionadail a tha ga stiùireadh ag ràdh gu bheil tuilleadh ùine a dhìth airson targaidean spadaidh a choileanadh.
Feumaidh daoine a tha airson losgadh air na h-eòin a bhith clàraichte le Dualchas Nàdair na h-Alba.
Tha croitearan air dragh mòr a nochdadh mun chall a tha na geòidh ghlasa a' dèanamh air tàlamh àitich.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 21 An Dùbhlachd 2015
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh