Aonta baile Inbhir Nis air a dhearbhadh
- Air fhoillseachadh

Chaidh aonta baile Inbhir Nis fhoillseachadh Dimàirt fon tèid £315m de dh'airgead phoblach a chosg air Ghàidhealtachd thairis air deich bliadhna.
'S ann bho Riaghaltas na h-Alba a thig £135m dhen mhaoineachadh, le £53m a' tighinn bho Riaghaltas Westminster.
Thig an còrr dheth - £127m - bho Chomhairle na Gàidhealtachd agus buidhnean ionadail.
Dh'iarr Comhairle na Gàidhealtachd taic-airgid mu choinneimh grunn phròiseactan a chosgadh còrr air £400m thairis air deich bliadhna.
Am measg nam molaidhean tha leasachaidhean air ceanglaichean còmhdhail agus acadamaidhean sgilean ùra, leis a' chuid as motha de na leasachaidhean ann an Inbhir Nis fhèin.
Ceangal Didsiteach
Chaidh £15m iarraidh airson Caisteal Inbhir Nis a dhèanamh na ghoireas turasachd.
Bhiodh cuideachd cumhachdan a bharrachd aig baile Inbhir Nis aigead a ghabhail air iasad.
Tha Glaschu agus Obar Dheathain air aontaidhean baile fhaighinn mar thà.
Thèid an t-airgead a chosg air pròiseactan sa bhaile agus san sgìre mun cuairt ann an co-bhann le Comhairle na Gàidhealtachd agus buidhnean eile.
'S e an dòchas a th' ann gum brosnaich airgead bhon sporan phoblach in-ionmhas bhon roinn phrìobhaidich gus pròiseactan a leasachadh agus obraichean a chruthachadh san sgìre.
Chuir Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Màiread Davidson, fàilte mhòr air an naidheachd.
"'S e àrainneachd air leth a th' ann an Inbhir Nis agus a' Ghàidhealtachd nas fharsainne airson a bhith a' fuireach, ag obair, ag ionnsachadh, agus a' tadhail, le cliù air feadh an t-saoghail," thuirt i.
"Nì an t-aonta seo diofar susbainnteach do dh'eaconamaidh na sgìre againn, le bhith ga brosnachadh mar an sgìre dhùthchail as ceangailte gu didseatach san Roinn Eòrpa.
"Tha bann-leathann agus seirbheis fòn-làimhe èifeachdach riatanach do ghnothachasan gus am faod iad brath iomlan a ghabhail air cothroman coimearsalta agus margaidhean eadar-nàiseanta.
"'S e gnothachasan beaga agus meadhanach a th' anns a' chuid as motha de na gnothachasan air Ghàidhealtachd, agus leigidh an t-aonta seo leotha fàs agus leasachadh, a thuilleadh air gnìomhachas ùr luachmhor, sgileil, a thàladh chun na sgìre.
"Tha an t-aonta cuideachd ag amas air daoine òga a chumail san sgìre, agus daoine òga air an sgìre fhàgail gu h-eachdraidheil.
"Cruthaichidh an leasachadh agus bun-structair a thig an cois an aonta na ceudan de chothroman cosnaidh, agus bheir e piseach mòr air a' bhun-structair a tha a' cumail taic ri gnothachasan," thuirt i.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 22 Am Màrt 2016