Cùmhnant do dh'oifisean comhairle sa Ghearasdan

An Gearasdan

Thèid oifisean ùra Comhairle na Gàidhealtachd anns a' Ghearasdan a thogail leis a' chompanaidh Robertson Northern.

Nì iadsan leasachadh air seann àrd-sgoil a' bhaile, far an tèid luchd-obrach na Comhairle san sgìre a tharraing còmhla san aon àite.

An-dràsta tha luchd-obrach na Comhairle sgapte am measg grunn thogalaichean anns an sgìre.

Fo na planaichean seo ge-tà, thèid luchd-rianachd agus luchd-obrach proifeasanta a tharraing còmhla, a' sàbhaladh mu £400,000 gach bliadhna, a rèir na Comhairle.

Cosgaidh am pròiseact còrr is £5.5m.

Thuirt Cathraiche Comataidh Loch Abar, Tòmas MacIllFhinnein, gun toir seo cothrom dhan Chomhairle airgead a chùmhnadh, agus aig an aon àm togalaichean a shaoradh airson leasachaidhean eile.

Tòisichidh an obair deireadh na h-ath-mhìos, agus tha dùil gum bi an goireas deiseil as t-Samhradh 2017.