Ìmpidh air croitearan mun chunntas croitearachd
- Published
Tha Coimisean na Croitearachd a' cur an cuimhne chroitearan gum feum iad an dàrna cunntas croitearachd a lìonadh ro dheireadh na mìos.
Chaidh foirmichean a' chunntais a sgaoileadh aig deireadh na bliadhna an-uiridh agus tha dleastanas air croitearan fon lagh an tilleadh.
Thuirt Àrd-Oifigear a' Choimisein, Catriona NicIlleathain, gu bheil iad air 53% de na 10,000 foirm a chuir iad a-mach fhaighinn air ais mar thà.
Tha na foirmichean furasta a lìonadh, thuirt i, ach ma tha cuideachadh a dhìth bu chòir do dhaoine fios a chur chun a' Choimisein neo sùil a thoirt air an làraich-lìn aca.
Chaidh an cunntas a dhèanamh an toiseach ann an 2014 agus tha e ag amas air dealbh nas fheàrr fhaighinn de shaoghal na croitearachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 5 An t-Samhain 2015
- Published
- 4 An t-Samhain 2015
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh