Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Spreadhaidhean

Tha aithisean ann gun deach còrr 's fichead duine a mharbhadh ann an spreadhaidhean anns a' Bhruiseal, prìomh bhaile na Beilge. Bha dà spreadhadh aig a' phort-adhair an sin agus bha co-dhiù aon spreadhadh aig stèisean rèile fon talamh, goirid an dèidh seachd uairean sa mhadainn. Tha am port-adhair agus siostam rèille a' bhaile dùinte agus chaidh iarraidh air an t-sluagh siubhal a sheachnadh. Thuirt oifigich anns a' Bhruiseal gur e ionnsaighean fèin-mharbhteach a bh' aig a' phort-adhair. Thachair seo dìreach beagan laithean an dèidh dhan na h-ùghdarrasan anns a' Bheilg fear a chuir an greim, Salah Abdeslam, fo amharas mun cheannairc a bh' ann am Paris san t-Samhain an uiridh.

Chuir puirt-adhair air feadh na h-Eòrpa tuilleadh tèarainteachd an sàs an dèidh na thachair anns a' Bhruiseal. Thug Oifis nan Dùthchannan Cèin comhairle air Breatannaich anns a' Bhruiseal na sgìrean as trainge den bhaile a sheachnadh. Tha polais ann am Breatainn a' cumail sùil air làraich chudromach anns an dùthaich seo agus tha Dàibhidh Camshron air a' chomataidh èiginn, Cobra, a ghairm.

Aonta Inbhir Nis

Chaidh aonta baile fhoillseachadh an-diugh do dh' Inbhir Nis agus an sgìre mun cuairt anns a bheil luach £315m thairis air deich bliadhna. Chuir Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gaidhealtachd an ainm ris an aonta ann an Inbhir Nis sa mhadainn. Fon aonta thèid an t-airgead a chosg air pròiseactan leasachaidh 'son turasachd, cuir-seachad, spòrs agus goireasan siubhail.

Buidseat

Cuiridh an Seansalair, Seòras Osborne, dìon ann an Taigh nan Comantan feasgar air a' bhuidseat aige. Thig air innse càit às a thig còrr is £4bn, nach tèid a shàbhaladh leis gun do chuir an Riaghaltas às dhan phlana 'son cuid de na sochairean do chiorramaich a ghearradh.

Sgoiltean Gàidhlig Ghlaschu

Tha Comhairle Baile Ghlaschu a' beachdachadh air sgoil ùr Ghàidhlig fhosgladh sa bhaile mar dhòigh air fuasgladh maireannach do chion àite ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile. Tha dragh air pàrantan nach eil àite gu leòr ann am prìomh a h-aon sa bhun-sgoil ùir ann am Pollokshields. Thuirt a' chomhairle ge-tà gu bheil iad a' coimhead ri àrd-sgoil eile a steidheachadh a bhiodh a' frithealadh air dà bhun-sgoil fa leth, mar dhòigh air fuasgladh air a' chùis.

Cìs chosnaidh

Ann an iomairt an taghaidh 'son Pàrlamaid na h-Alba an-diugh thuirt ceannard nan Làbarach, Kezia Dugdale, gun cuireadh iad às dhan chìs chomhairle. Thuirt i gu bheil a' chìs sin mì-chothromach agus gun cuireadh iad cìs na h-àite, stèidhichte air luach taighe, a bheireadh buannachd do 80% de dhaoine aig a bheil dachaigh. Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, ag innse an-diugh mar a chleachdadh an SNP na cumhachdan cìse ùr a tha Pàrlamaid na h-Alba a' faighinn an ath-bhliadhna.