£28m ga chosg air goireasan critigeach
- Air fhoillseachadh

Thèid £28m a chosg thairis air trì bliadhna air seirbheisean cùraim critigeach ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis às dèidh dha na planaichean cead fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba.
Thèid leasachadh a dhèanamh air grunn phàirtean den ospadal, eadar Ionad an Dlùth-Chùraim agus an t-ionad do dhaoine a tha feumach air cùram sònraichte às dèidh dhaibh a dhol fo lannsa.
Bidh cuideachd seòmraichean lannsa an ospadail gan sgeadachadh, agus seòmar eile air a chur riutha.
Thuirt Linda Kirkland bho NHS na Gàidhealtachd gur e seo an leasachadh as motha air prìomh ospadal a' chinn a tuath bho chaidh a thogail ann an 1980.
Chuirear fàilte air cuideachd le Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, a thuirt gum biodh an obair gu buannachd euslainteach.
Tòisichidh an obair an ath-mhìos, 's dùil gum bi i deiseil ro dheireadh 2018.