Claonadh an deasbaid
- Air fhoillseachadh
An do mhothaich duine eile gu bheil Kezia Dugdale a' coimhead gu math dòigheil an-dràsta?
Bho choltas ceannard nan Làbarach, cha shaoileadh tu gun cuireadh i cus ùine seachad a' leughadh nan cunntasan-bheachd.
Is e sgeulachd dhubhach a dh'innseadh iad dhi air thoiseach air an taghadh Albannach agus dùil gum faodadh am pàrtaidh gach suidheachan sgìreil a tha aca aig Holyrood a chall.
A dh'aindeoin sin, tha Ms Dugdale a' coimhead nas earbsaich na bha o thòisich i na dreuchd.
An e gu bheil i a' diùltadh na cunntasan-bheachd a leughadh?
An deach i a-mach às a ciall uile gu lèir?
Dòchas
Chan eil agus cha deach.
Chan e amadan a tha ann an Kezia Dugdale agus tha làn fhios aige gur e taghadh doirbh a tha air fàire don phàrtaidh aice anns a' Chèitean.
Na h-òraid aig co-labhairt nan Làbarach ann an Glaschu, chleachd i faclan nas dòchasaich, ag ràdh gur e an taghadh seo am fear as inntinniche agus as cudromaiche a bha ann a-riamh.
Agus tha adhbharan dòchais na beachd-se.
An toiseach, às dèidh tubaist an taghaidh coitchinne, tha dùil aig gach fàidh gun tachair an dearbh rud a-rithist am bliadhna.
Gun ach beagan mhìosan na dreuchd, dh'fheumadh toradh an taghaidh a bhith duilich dhà-rìrbh mus tèid coire a chur air a' cheannard ùr.
Claonadh
Ach tha Ms Dugdale airson a' phàrtaidh gu lèir ann an Alba agus chan ann dhi fhèin a-mhàin.
Cha do chòrd iomairt an reifrinn air neo-eisimeileachd ris na Làbaraich idir, chan a-mhàin air sgàth 's gun robh iad air an aon taobh ris na seann nàimhdean aca anna a' phàrtaidh Thòraidheach, ach a chionn 's nach eil am pàrtaidh comhartail leis an deasbad "nàiseantach".
Nas cudromaiche na toradh an taghaidh seo, is dòcha, tha claonadh an deasbaid anns an fharsaingeachd agus tha ceannard nan Làbarach a' creidsinn gu bheil e a' gluasad air ais gu cuspairean as fheàrr leothasan.
Dh'innis Kezia Dugdale don cho-labhairt gun robh na cumhachdan ùra a tha a' tighinn gu Holyrood a' toirt cothrom don luchd-bhòtaidh "an fhìrinn" fhaicinn mu cheannardan na dùthcha.
Agus, na beachd fhèin, b' e an fhìrinn sin gun robh Nicola Sturgeon radaigeach na briathar ach Tòraidheach na gnìomh.
Cha robh sin na b' fhollaisiche ach anns an deasbad mu chìsean.
"Sòisealach"
Thuirt Ms Dugdale gur e manifesto nan Làbarach a bhitheadh "radaigeach" an dà-rìribh agus i a' gealtainn gun cleachdadh iadsan cumhachdan ùra na Pàrlamaid airson stad a chur air gearraidhean do sheirbhisean poblach.
Chaidh i na b' fhaide, a' moladh riaghailt a dh'fhàgadh nach gabhadh cìsean a ghearradh fhad 's a bha an caiteachas poblach ga lùghdachadh.
Na beachd-se, b' e sin gnìomh fìor phàrtaidh na làimhe clì, le "soisealach" os a chionn.
Chan eil teagamh ach gu bheil am pàrtaidh Làbarach ann an Alba nas comhartail a-nis gu bheil an deasbad poileataigeach air tionndadh gu cìsean agus gearraidhean.
Ach chan eil fhios nach bi a' cheist nàiseanta fhathast air inntinn daoine nuair a thèid iad do na h-ionadan-bhòtaidh.
Agus - mar a bu chòir - cha bhi duine ann an saoghal poileataigeach na h-Alba buileach comhartail gum bi an taghadh sin seachad.