Inbhir Nis
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Aonta Baile Inbhir Nis air a dhearbhadh

22 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An dèidh fad dà bhliadhna de chòmhraidhean, gheibh Roinn na Gàidhealtachd buannachd bho Aonta Baile as a bheil luach £300m.

Chuir Riaghaltas Westminster, Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd an ainm ris an aonta ann an Inbhir Nis Dimàirt.

Tha cuid a' cumail a-mach gun toir e cruth-atharrachadh air an sgìre, ach tha gu leòr ag ràdh gum feum na sgìrean iomallach buannachd fhaighinn às cuideachd.