Aonta air Lìog Uibhist is Bharraigh

Bhuannaich Barraigh an lìog an-uiridh
Image caption Bhuannaich Barraigh an lìog an-uiridh

Dh'aontaich coinneamh de Chomann Ball-coise Uibhist is Bharraigh gum bi 15 geama aig gach sgioba san lìog.

Tha 6 sgiobaidhean san lìog, is bha iad a' cluich an aghaidh a chèile 4 tursan 'son 20 geama uile gu leìr.

Bha cuid airson is nach biodh ann ach 2 chuairt de gheamaichean, a' fàgail 10 geamaichean dha gach sgioba uile gu leìr.

Aig coinneamh den bhuidhinn oidhche Mhàirt, chuir a' mhòr-chuid taic ri roghainn eile de 15 geama.

Tha sin a' fàgail gun cluich na sgiobaidhean an aghaidh a chèile 3 tursan.

Bidh taghadh ann air cò gheibh dàrna geama aig an taigh, is gheibh sgiobaidhean nach fhaigh sin am-bliadhna geama aig an taigh an ath-bhliadhna.

Cha bhi atharrachadh anns na farpaisean chupa.

Chuala a' choinneamh cuideachd gun cluich sgioba thaghte Uibhist is Bharraigh geama an aghaidh Arcaibh aig Acadamaidh Ball-Coise na Gàidhealtachd ann an Inbhir Pheofharain Disathairne 7mh den Chèitean.