Cead-dealbhachaidh do thaigh-spadaidh

Crodh

Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt seachad 'son taigh-spadaidh a thogail ann am Port Rìgh.

Feumar a-nise an t-airgead air fad a bhios a dhìth a thogail, le dòchas gum bi an goireas deiseil tràth an ath-bhliadhna.

"Tha sinn air a bhith ag obair air rud mar seo o chionn bhliadhnaichean. Cha d' fhuair sinn riamh cho fada seo," thuirt Cathraiche buidheann-stiùiridh a' phròiseict, Eachan MacLeòid.

"Tha sinn a-nis air cead iomlan fhaighinn airson an togalach a dhèanamh.

"Tha sinn an uair sin a' tòiseachadh a' coimhead airson airgid, 's tha sinn an dòchas a bhith a' tòiseachadh a' togail anns an t-Samhain, leis an obair a' leantainn sia mìosan.

"Tha tòrr dhaoine an dèidh airgead a chur a-steach ann, feadhainn aig a bheil àiteachan bìdhe 's taighean-òsta 's gnothaichean, tha iad deònach an t-airgead a chur a-steach ann airson fhaighinn a' dol gus am faigh iad air feòil eileanach a bhith air a' bhòrd aca.

"Tha sinn an dòchas gum bi rud bho HIE, 's cha chreid mi nach bi airgead bhon Roinn Eòrpa cuideachd.

"Tha tòrr de na Buill-Phàrlamaid Albannach air ar cùlaibh cuideachd 's bidh iadsan tha mi an dòchas gar cuideachadh airson airgead fhaighinn," thuirt e.

'S ann an Inbhir Pheofharain a tha an taigh-spadaidh as fhaisge air an Eilean Sgitheanach, agus tha an fheadhainn a th' air cùlaibh an taighe-spadaidh ùir ann am Port Rìgh an dòchas a bhith a' dèiligeadh ri stoc chroitearan is tuathanaich san eilean fhèin agus air taobh siar Tìr Mòr.