Hebrides a' fuireach air slighe
- Air fhoillseachadh

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air muinntir Uibhist a Tuath a thoileachadh leis an naidheachd nach tèid an MV Hebrides a thoirt far na slighe eadar Loch nam Madadh, Ùige agus an Tairbeart ach airson ùine ghoirid fhad 's a tha obair ga dèanamh oirre.
Bha grunn draghan air nochdadh air an eilean mu cho tric 's a bha am bàt-aiseig ga cur gu feum air slighean eile tro mhìosan a' Gheamhraidh.
"Tha sinn air gealltanas fhaighinn o Chaledonian Mac a' Bhriuthainn agus o Chòmhdhail na h-Alba nach bi iad a' toirt air falbh an Hebrides on t-slighe an ath-gheamhradh," thuirt Uisdean Robasdan, fear de chomhairlichean Uibhist a Tuath is Beinn nam Fadhla.
"Bidh i air falbh airson dhà no trì sheachdainnean agus i a-staigh ann an doca tioram, ach a bharrachd air sin tha i gus a bhith againn an ath-gheamhradh.
"'S e sgeulachd dha-rìribh a tha sin, agus chuir e mòran againn ann an deagh thrum nuair a chuala sinn e," thuirt e.