"Laigsean cudromach" an cùram nan Eilean Siar

  • Air fhoillseachadh
Cùram

Tha dusan moladh ann an aithisg bho Bhuidhinn Sgrùdaidh a' Chùraim agus Leasachadh Cùraim Slàinte na h-Alba, a tha ag ràdh gu bheil laigsean cudromach ann an cùram sheann daoine anns na h-Eileanan an Iar.

Am measg rudan eile, tha an aithisg ag ràdh gu bheil dàil mhòr ann ro thric a' leigeil dhaoine a-mach às an ospadal leis nach eil cùram aig an taigh no aig an dachaigh a' feitheamh orra.

Thuirt an aithisg ge-tà, gu bheil mòran dhaoine ris an deach bruidhinn toilichte leis a' chùram a tha iad a' faighinn.

"Tha an aithisg seo air laigsean cudromach a nochdadh ann an seirbheisean do sheann daoine air feadh nan Eilean Siar, agus tha sinn air ar cuid mholaidhean a chur sìos gu soilleir air mar a ghabhas dèiligeadh riutha," thuirt Àrd-Stiùiriche na buidhne, Karen Reid.

"Gu h-àraid, tha ceannas èifeachdach agus cunbhallach a dhìth gus dèanamh cinnteach gun toir seirbheisean seachad na tha a dhìth air seann daoine a tha a' cur feum orra, dha na teaghlaichean aca agus don luchd-cùraim aca.

"Tha sinn ag iarraidh gun tig piseach susbainnteach air cùisean gus am faigh seann daoine cùram aig àrd-ìre ann an dòigh a tha a' freagairt air an cuid fheumalachdan agus a bhrosnaicheas an cuid chòirichean.

"Obraichidh Buidheann Sgrùdaidh a' Chùraim a-niste còmhla ri Leasachadh Cùraim Slàinte na h-Alba agus Àrd-Chomhairliche na h-Obrach Sòisealta aig an Riaghaltas Albannach gus taic a thoirt do leasachadh anns a' chom-pàirteachas."