Mòr-chuid chomataidh far na Gàidhealtachd

Fearann

Buinidh còignear den t-seachdnar bhall de chomataidh Stòras Fearainn ùr na h-Alba don Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan.

Nam measg tha John Watt, a bhuineas do dh'Inbhir Nis agus a stèidhich Aonad Fearann Coimhearsnachd HIE.

Tha cuideachd Dàibhidh Green air a' chomataidh, a bha roimhe na Fhear-Gairm air Comhairle na Gàidhealtachd agus a bha cuideachd na Chathraiche air Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Buinidh Donnchadh Mac a' Phearsain agusg Calum MacLeòid do na Hearadh, agus 's ann à Geàrrloch a tha Seònaid Miles.

Bidh iad an dreuchd, pàirt-ùine, chun a' Mhàirt 2017.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun toir Stòras ùr an Fhearainn, sa bheil £10m, taic do bharrachd choimhearsnachdan, gach cuid sna bailtean agus air an tuath, an cuid fearainn agus maoin eile a cheannach.