"Losgadh" air clamhan chearc

Clamhan nan Cearc Image copyright Jens Lambert

Chaidh clamhan chearc òg a fhuaireadh marbh air monadh sa Mhonadh Ruadh a mharbhadh le gunna, a rèir luchd-glèidhteachais.

Thuirt an RSPB, gur e clamhan nan cearc as motha a tha a' fulang geur-leanamhainn de dh'eòin-chreachaidh na dùthcha gu lèir.

Dh'fhàg an t-eun nead air oighreachd nach deach ainmeachadh a tha am broinn chrìochan na Pàirce Nàiseanta as t-Samhradh an-uiridh, agus chaidh taga saideil a chur ann mar phàirt de sgeama an RSPB a tha ag amas air dìon a chur air clamhain nan cearc.

Ach thuirt luchd-obrach na buidhne gun d' fhuair iad fios gun robh an t-eun air bàsachadh nuair a chunnaic iad gun robh an taga gun ghluasad treis tràth san t-Sultain air monadh faisg air Bail' Ùr an t-Slèibh.

Lorgadh a chlosach agus fhuair rannsachadh gur coltach gun deach losgadh air le gunna-froise, ged nach deach meadailt sam bith a lorg.

Thuirt an RSPB gur e an tuigse gun robh na Poilis air coinneamhan a chumail on uair sin le riochdairean grunn de dh'oighreachdan na sgìre faisg air far an deach an closach fhaighinn.

Ach dh'iarradh a' bhuidheann air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu na thachair bruidhinn ri Poilis na h-Alba.