Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu "an dàrna sgoil as fheàrr"
- Published
'S e Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an dàrna sgoil a b' fheàrr a rinn a thaobh dheuchainnean ann an Alba air fad an-uiridh.
Tha luchd-iomairt a' chànain a' cur fàilte mhòir air an àite a th' aig an sgoil ann an lìog nan deuchainnean a chuir am pàipear-naidheachd an Herald ri chèile.
'S e dìreach Sgoil Chnoc Iòrdain an Glaschu - nach eil fo stiùireadh na Comhairle - a b' fheàrr na iad. Ged is e sgoil stàite a th' innte, 's ann a tha i a' faighinn a maoineachaidh dìreach bho Riaghatas na h-Alba.
Tha ochd às na deich sgoiltean air bàrr na liosta a thaobh dheuchainnean àrd-ìre ann an Glaschu no anns an sgìre mun cuairt.
Fhuair 74% de sgoilearan na Sgoile Gàidhlig còig deuchainnean àrd-ìre no barrachd.
Thuirt Ceannard na Sgoile, Donalda McComb, gun robh an oideachadh dà-chànanach a bha na sgoilearan a' faighinn a' cur gu mòr ris an fhòghlam aca.
Tha sin a dh'aindeoin 's gu bheil ochdnar às gach deichnear de na sgoilearan a' tighinn à dachannan gun cheangal ris a' Ghàidhlig.