Rodain
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Na h-Eileanan Mòra saor bho rodain dhubha

23 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha luchd-glèidhteachais an ìre mhath cinnteach gun do chuir iad às dhan a h-uile rodan dubh sna h-Eileanan Mòra.

Bha na beathaichean, nach eil dùthchasach dha na h-eileanan, nan cunnart dha na h-eòin-mhara a bhios a' tilleadh a h-uile samhradh son neadachadh.

Tha an RSPB a-nis an dòchas barrachd eòin a thàladh dha na h-eileanan leis gu bheil e a-nis sàbhailte dhaibh.