Cead prìosain ùr ga iarraidh

  • Air fhoillseachadh
PrìosanTùs an deilbh, PA

Chaidh planaichean airson prìosan ùr a thogail ann an Inbhir Nis a chur a dh'ionnsaigh Comhairle na Gàidhealtachd.

Ged nach eil na planaichean ach aig ìre thràth, tha mì-thoileachas ann mun dèidhinn.

Thuirt Àrd-Neach-Sgrùdaidh Phrìosan na h-Alba gu bheil prìosan Porterfield an Inbhir Nis fada cus ro bheag agus le cion ghoireasan.

Tha iad ag ràdh gum feum prìosan ùr a thogail anns a' bhaile airson sin a chur ceart.

Dh'iarradh iad gun rachadh seo a thogail ann am Baile Mhuilleann an Leigheis air taobh a deas a' bhaile.

Tha iad a-niste air ro-thagradh dealbhachaidh a chur a dh'ionnsaigh Comhairle na Gaidhealtachd.

Am measg nan goireasan a bhiodh na chois bhiodh ionad airson taic a thoirt do phrìosanaich gluasad air ais dhan choimhearsnachd.

Ach tha mòran san sgìre draghailà mu dheidhinn.

Thuirt fear de chomhairlichean na sgìre nach bu chòir prìosan a thogail far a bheil sluagh mòr a' fuireach agus clann òg agus bùithdean faisg air làimh.

Thuirt an Comh. Coinneach Gowans cuideachd gun tigeadh cruth-atharrachadh air an sgìre ri linn.

Dh'fhaodadh cuideachd gun tuiteadh luach nan taighean.

Thèid coinneamhan poblach a chumail san sgìre aig deireadh a' Chèitein agus deireadh na h-Ògmhios.