Cuirp gan lorg air Beinn Nibheis

Tim Newton agus Raonaid Slater Image copyright Police Scotland

Chaidh corp fireannaich agus corp boireannaich a lorg air Beinn Nibheis.

Tha luchd-teasairginn air a bhith a' sireadh dithis shreapadairean a bha a' sreap air a' bheinn bhon Ghearran.

Cha do thill Raonaid Slater, 24, agus Tim Newton, 27, a bhuineas do Bhradford ann an Sasainn, chun an teanta aca an dèidh dhaibh a bhith a-muigh air a' bheinn. Chuir droch shìde maill air oidhirpean gus lorg fhaighinn orra.

Thuirt Poilis na h-Alba gun deach fios a chur air teaghlaichean an dithis gun deach dà chorp a lorg.

Chaidh fios a chur air na Poilis gun robh an cupall a dhìth air 15mh an Gearran.

Thuirt Sgioba Teasairginn Loch Abar gur coltach gun deach an glacadh ann am maoim-sneachda.