Dà choimhearsnachd air fearann a cheannach

  • Air fhoillseachadh

Tha dà choimhearsnachd ann an siorrachd Inbhir Nis agus ann am Moireibh air talamh san sgìre aca a cheannach, le taic Stòras Fearainn na h-Alba.

Fhuair Companaidh Ghlèidhteachais Baile Inbhir Èireann sealbh air còrr air 850 heactair de thalamh bho Oighreachdan Novar agus e na amas aca teachd a-steach a dhèanamh dheth dhan choimhearsnachd.

Tha Comann Coimhearsnachd Shrath Fhairgeig agus Foithir airson goireasan coimhearsnachd a thogail air talamh a cheannaich iad ann am baile Foithir fhèin.