Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

A' Bheilg

Tha ceannardan tèarainteachd agus ministearan Eòrpach a' coinneachadh anns a' Bhruiseil an-diugh fhad 's a tha poilis an sin fhathast a' coimhead airson a' cheathramh duine a tha fo amharas mu na h-ionnsaighean air a' bhaile a' bhòn-dè. Tha càineadh air a bhith ann an dèidh na thachair air cion co-obrachaidh eadar na buidhnean tèarainteachd nàiseanta air feadh na h-Eòrpa.

Beinn Nibheis

Thug luchd-teasairginn dà chorp far Beinn Nibheis an-raoir. Chaidh dithis shreapadairean eòlach, Rachel Slater agus Tim Newton à Bradford a dhìth air a' bheinn bho chionn còrr is còig seachdainnean. Chuir droch shìde on uair sin maill air na sgiobannan a bha a' coimhead air an son.

Paige Docherty

Thuirt poilis ann an Glaschu gu bheil iad fhathast a' rannsachadh muirt na h-ìghne sgoile Paige Docherty. Chaidh corp na h-ìghne, a bha 15 bliadhna de dh'aois, fhaighinn ann an coille ann am Bruach Chluaidh, faisg air Great Western Road Diluain. Dhùin na Poilis bùth anns an sgìre an-raoir far am facas Paige beò mu dheireadh anns a' mhadainn Disathairne.

Cùram

Gheall Comhairle nan Eilean Siar agus Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gum bi cùram sheann daoine nas fheàrr an dèidh seo. Chàin buidhnean faire na h-uimhir de chùram sheann daoine sna h-Eileanan le laigse ann an stiùireadh agus ceannas na seirbheis am measg sin. Thuirt a' Chomhairle agus am Bòrd Slàinte gu bheil iad air ionnsachadh bho sin, agus gu bheil an t-seirbheis a' fàs nas fheàrr.

Prìosan Ùr

Tha iongnadh air fear de chomhairlichean Inbhir Nis mu phlana airson prìosan ùr a thogail ann an sgìre Mhuileann an Lèighis. Tha feum air prìosan ùr anns a' bhaile leis cho sean 's a tha Prìosan Phorterfield faisg air meadhan a' bhaile. Thuirt an Comh. Ken Gowans gu bheil a h-uile coltas ann gun cuir daoine an aghaidh prìosain ann an sgìre den bhaile anns a bheil mòran dhaoine a' fuireach.

McEwens of Perth

Tha còrr is ceud cosnadh ann an cunnart ann am Peairt, agus bùth ainmeil a tha stèidhichte sa bhaile air a dhol gu rianachd. Tha faisg air 150 bliadhna ann bho thòisich McEwens of Perth. Thuirt Comhairle Pheairt agus Cheann Rois gun toir iad a h-uile taic do luchd-obrach a chailleas an cosnadh.