Dithis marbh às dèidh tubaist-rathaid

Tha dithis dheugairean air bàsachadh às dèidh tubaist eadar dà charbad air rathad dùthchail faisg air Inbhir Nis feasgar Diardaoin.

Thachair an tubaist air a' B9006, faisg air Sunnyside, mu 6:50f.

Chaochail Georgia Gilham, 16, aig larach na tubaist agus bhàsaich Iain Foggo, 18, anns an ospadal.

Bha iad a' siubhal ann an Corsa a bhuail ann am Mercedes.

Chaidh am fear a bha a' dràibheadh a' Chorsa, a tha 19, agus tè a bha a' siubhal ann, aois 16, a dhroch ghoirteachadh. Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic na thachair a thighinn a bhruidhinn riutha.

Thugadh dràibhear agus duine a bha a' siubhal còmhla ris anns a' Mhercedes a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis, ach chaidh an leigeil dhachaigh.

Thuirt labhraiche do Phoilis na h-Alba: "Chaidh an rathad a dhùnadh treis fhad 's a chaidh an rannsachadh a dhèanamh. Tha e a-nis air fosgladh a-rithist.

"Tha rannsachadh a' leantainn, agus dh'iarradh oifigearan air duine sam bith a bha a' siubhal air a' B9006 mun àm a thachair an tubaist, no a chunnaic fear de na carbadan, fios a chur air na Poilis air an àireamh fòn 101.