Sgeama ùr cùraim taobh a-muigh uairean àbhaisteach
- Air fhoillseachadh

Tha NHS na Gàidhealtachd air fàilte a chur air sgeama ùr a thathas an dòchas a nì leasachadh air seirbheisean slàinte taobh a-muigh uairean àbhaisteach.
Tha am bòrd air cha-mhòr £200,000 fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba gus feuchainn air dòighean ùra air seribheisean taobh a-muigh nan uairean àbhaisteachd a thoirt seachad anns an sgìre.
Chaidh NHS na Gàidhealtachd a thaghadh mar aon de na h-ochd sgìrean an Alba far an tèid iomadh seòrsa seirbheis ùr taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach fheuchainn.
Mar phàirt de dh'aon de na pròiseactan bidh aca ri obrachadh còmhla ri luchd-obrach NHS 24 agus Seirbheis Eiridinn na h-Alba gus am priòmh aonad a tha a' co-òrdanachadh sheirbheisean èiginneach air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a neartachadh.
Bidh am maoineachaidh ga chleachdadh cuideachd 'son dotair fhastadh a bheir seachad cuideachadh is taic anns an aonad.
Thèid dithis luchd-obrach a thrèanadh gus comas a bhith aca obrachadh ann an ionadan dotair-teaghlaich ann an Gallaibh.
Thèid an t-airgead cuideachd a chleachdadh gus luchd-obrach eiridinn a tha stèidhichte sna coimhearsnachdan, agus luchd-smàlaidh a thrèanadh gus am bi iad comasach air cùram èiginneach a thoirt seachad anns na h-àitichean as iomallaiche.