Glìb Cheòis air a cheannach

Glìb Cheòis Image copyright Dave Fergusson/Geograph

Tha muinntir Ghlìb Cheòis air na Lochan ann an Leòdhas air an oighreachd a cheannach don choimhearsnachd.

Chaidh am baile a stèidheachadh air fearann glìb eaglaise anns na 1930an.

Dh'innis a' choimhersnachd Dihaoine gun tàinig pròiseas a' cheannaich gu crìch 22na am Màrt.

Tha mu 40 duine a' fuireach air an oighreachd.

Fhuair a' choimhearsnachd taic agus maoineachadh bho Stòras Fearainn na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Urras Tuath-gaoithe Coimhearsnachd Mhuaitheabhail, Marine Harvest, Comhairle Coimhearsnachd Cheann na Locha, agus Fearann Coimhearsnachd na h-Alba.

Thug a' choimhearsnachd taing don uachdaran a bh' aca, Murchadh Moireasdan, airson aontachadh an oighreachd a reic.