Ionnsaigh an Steòrnabhagh

Tha na Poilis ann an Steòrnabhagh a' sireadh fiosrachaidh mu ionnsaigh sa bhaile air an deireadh sheachdain.

Fhuair fear aois 23 cùram san ospadal às dèidh do thriùir eile ionnsaigh a thoirt air taobh a-muigh An Lanntair air Sràid Choinnich mu 02:30m madainn na Sàbaid.

Thuirt na Poilis gun robh geansaidh no seacaid ghorm air fear den triùir a thug ionnsaigh air an duine, agus tha iad a' sireadh fiosrachaidh mu na fireannaich agus mun ionnsaigh.