Dùil ri bùth an Càrlabhagh

Càrlabhagh

Tha buidheann-stiùiridh Bùth Choimhearsnachd Charlabhaigh ann an Leòdhas an dòchas gum bi bùth sa bhaile ro deireadh na bliadhna airson a' chiad uair bho 2005.

Aig a' choinneimh bhliadhnail Dihaoine thug iad cothrom do dhaoine am planaichean fhaicinn airson bùth ann an togalach na seann sgoile a dhùin ann an 2013.

Tha sgrùdadh ga dhèanamh an-dràsta air togalach na seann sgoile feuch dè cho iomchaidh 's a tha e.

"Tha a h-uile càil deis againn airson tòiseachadh airson plana gnothachais fhaiginn," thuirt Calum MacArtair, a th' air a' bhuidhinn-stiùiridh.

"Bidh cola-deug no trì seachdainnean mus bi fios againn dè thàinig a-mach às an sgrùdadh chomais," thuirt e.

Tha dùil gum bi a' bhùth a' reic connaidh, a thuilleadh air stuthan eile.

"An rud a tha sinn a' coimhead ris an-dràsta, 's e gum bi peatrol, diesel agus bidh diesel dearg ann cuideachd," thuirt Mgr MacArtair.

"A' bhùth fhèin, 's ann anns a' chanteen a bha san sgoil a bhios i.

"Tha an togalach sin gu lèir, tha sinn a' coimhead ris airson na bùtha agus oifis puist, agus bèicearachd.

"Chan fhaigheadh tu togalach na b' fheàrr. Tha am meud aige math, tha far a bheil e, tha am parcadh timcheall air," thuirt e.

Chaidh comataidh a stèidheachadh aig coinneimh bhliadhnail na buidhne-stiùiridh Dihaoine, airson coimhead ri cùisean a ghluasad air adhart.