Sreapadair a bhàsaich air ainmeachadh
- Air fhoillseachadh
Dh'ainmich na Poilis sreapadair a bhàsaich an dèidh dha tuiteam sa Mhonadh Ruadh.
Bha Peter Nielsen, aois 32, à Tranent ann an Lodainn an Ear, a' sreap air Aladdin's Buttress ann an Coire an t-Sneachda, Dihaoine.
Chaidh a thogail gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis, far an do bhàsaich e.
Thuirt Poilis na h-Alba gun robh Mgr Nielsen gu math eòlach air sreap, agus gun robh e sa Mhonadh Ruadh le buidhinn eagraichte sreap.