Càrlabhagh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dùil ri bùth an Càrlabhagh

29 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha buidheann-stiùiridh Bùth Coimhearsnachd Chàrlabhaigh ann an Leòdhas an dòchas gum bi bùth anns a' bhaile ro deireadh na bliadhna airson a' chiad uair bho 2005.

Aig coinneimh bhliadhnail Dihaoine thug iad cothrom do dhaoine am planaichean fhaicinn airson bùth ann an togalach na seann sgoile a dhùin ann an 2013.

Tha sgrùdadh ga dhèanamh an-dràsta air an togalach sin feuch dè cho iomchaidh 's a tha e.

Tha tuilleadh aig Ruairidh Rothach.