Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Caol Àcainn

Dh'innis Marine Harvest gur ann aig Cuaraidh Allt Anabhaig faisg air Caol Àcainn anns an Eilean Sgitheanach a tha iad airson factaraidh bìdh èisg ùr a thogail, a chosgadh £80m. Bhiodh 55 cosnadh làn-ùine ann, agus Marine Harvest den bheachd, ma gheibh iad cead-dealbhachaidh, gum biodh an fhactaraidh a' fosgladh ann an 2018. Bidh taisbeanadh poblach ann air na planaichean an Talla Chaol Àcainn air Diluain an 18mh là den ath-mhìos, agus ann an Talla na h-Eaglaise Saoire sa Chaol, Dimàirt an 19mh là den mhìos.

Plèana

Tha aithrisean ann gu bheil fear a chuir plèana às an Èipheit am bruid agus a thug oirre laighe ann an Cìopras, ag iarraidh comraich. Chuir an duine am plèana am bruid eadar Alexandria agus Cairo. Chaidh a' mhòr-chuid den luchd-siubhail a leigeil far a' phlèana ann an Larnaca. Tha e coltach gun robh ceathrar à Breatainn nam measg.

Stàilinn

Tha dùil ri co-dhùnadh an-diugh air còrr is 1,000 cosnadh ann am Breatainn agus bòrd-stiùiridh na companaidh stàilinn Ìnnseannaich, Tata Steel, a' coinneachadh ann am Mumbai. Dh'innis Tata san Fhaoilleach gur ann aig ionad Port Talbot ann an ceann a deas na Cuimrigh a bhiodh a' mhòr-chuid de na gearraidhean sin. An t-seachdain seo chaidh dh'aontaich Tata na làraichean a dhùin iad an-uiridh aig Clydebridge agus Dalziel ann an Siorrachd Lannraig a reic ris a' bhuidhinn eadar-nàiseanta Liberty House.

Deasbad

Tha an dàrna deasbad telebhisein ann a-nochd eadar ceannardan poileataigeach na h-Alba ron taghadh anns a' Chèitean. 'S ann air STV a tha an deasbad an turas seo, eadar an còignear cheannard, agus e a' tighinn beò à Dùn Èideann.

Tolastadh

Tha Siamarlann Urras Steòrnabhaigh den bheachd nach toir e droch bhuaidh sam bith air plana airson tuath-gaoithe ann an Tolastadh gu bheil a' bhuidheann a th' air cùlaibh na sgeama a' coimhead airson taic-airgid bho bhuidhnean eile. Leig 2020 Renewables fhaicinn gu bheil iad ag iarraidh com-pàirteachas ionmhais airson airgead a chur ris na pròiseactan anns a bheil iad an sàs. Cha do thòisich sgeama Tholastaidh fhathast, ach thuirt an Siamarlann, Iain MacÌomhair, gu bheil e gu math cinnteach gun tèid am pròiseact air adhart.

Gleann Afraig

Tha an obair a' tòiseachadh an-diugh air dà sgeama dealain haidro ann an Gleann Afraig. Tha Green Highland Renewables an dòchas gun cruthaich iad dealan do 2,500 dachaigh. 'S ann le Iomairt Choilltean na h-Alba a tha pàirt den talamh air am bi na sgeamaichean.