Leasachadh tuathanas èisg an Caol Àcainn
- Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich a' chompanaidh Marine Harvest gur e Caol Àcainn anns an Eilean Sgitheanach a b' fheàrr leotha airson ionad bìdh èisg ùr.
Thuirt iad gun cruthaicheadh an leasachadh, luach £80m, 55 dreuchd a bhiodh maireannach agus làn-ùine.
Tha ceannardan na companaidh air a bhith a' beachdachadh air grunn làraichean air a' chosta an iar.
Thagh iad seann chuaraidh Allt Anabhaig ann an Caol Àcainn.
Goireasach
Thuirt iad gur ann air sàilleabh 's cho goireasach 's a tha e an dà chuid don Ghàidhealtachd agus na h-eileanan a rinn iad seo, a thuilleadh air deagh cheangalaichean rathaid agus an cidhe a tha faisg air làimh.
Feumar an cidhe a leasachadh 's a leudachadh ge-tà.
Chaidh innse gum biodh feum air 55 luchd-obrach làn-ùine san ionad, a bhiodh ag obair ro 2018.
Thèid coinneamhan co-chomhairleachaidh a chumail leis a' choimhearsnachd an ath-mhìos.
Thuirt Ben Hadfield, àrd-stiùiriche Marine Harvest Scotland, gun robh seo mar phàirt de dh'oidhirp gnìomhachas nas fheàrr agus nas seasmhaiche a ruith.
Thuirt e cuideachd gun robh e an dòchas gun toireadh an leasachadh piseach air an eaconamaidh ionadail.