Dràibhear a mharbh a charaid a' seachnadh binn prìosain

Carl agus Alasdair Image copyright Iain McLellan/Spindrift Photo Agency
Image caption Bha na gillean nan deagh charaidean.

Chaidh òrdugh coimhearsnachd a chur air dràibhear ùr a dh'adhbhraich bàs a dheagh charaid ann an tubaist-rathaid an Uibhist a Deas.

Chaill Alasdair Downie smachd air a' charbad Peugeot aige an Dalabrog agus e air grunn charaidean a thoirt gu geama ball-coise ann an Èirisgeigh anns an t-Sultain 2014.

Chaochail Carl Mac a' Phì, a bha 19.

Dh'aidich Downie gun do dh'adhbhraich e bàs a charaid le bhith a' draibheadh gu cunnartach. Cha robh cead-dràibhidh air a bhith aige ach bhon Ògmhìos ron tubaist.

Suidheachadh sònraichte

Thuirt am britheamh, a' Bhana-Mhorair Scott, a' cur binn air Downie Dimàirt, gun robh suidheachadh sònraichte na cùise a' ciallachadh nach robh binn prìosain freagarrach.

Feumaidh Downie, a tha a' fuireach ann am Beinn nam Fadhla, 300 uair de thìde de dh'obair coimhearsnachd saor-thoileach a dhèanamh taobh a-staigh 12 mìosan.

Aig an Àrd-Chùirt ann am Pàislig, thuirt am britheamh gum biodh e fo sgrùdaidh san ùine sin agus nach fhaodadh e a bhith a-muigh eadar uairean sònraichte. Chaidh a chasg bho bhith a' dràibheadh airson còig bliadhna, agus feumaidh e deuchainn eile a shuidhe mus faigh e cead-draibhidh air ais.

Thuirt am britheamh cuideachd gum bu chòir an teaghlach aig Carl a mholadh gu mòr nach robh iad a' coireachadh Downie airson na thachair agus gun tug iad cuireadh dha a dhol chun na ciste aig tòrradh a' bhalaich aca.

Bha Carl Mac a' Phì agus Alasdair Downie air a dhol dhan sgoil còmhla agus bha an dithis a' cluiche do sgioba ball-coise Iochdar Saints an Uibhist a Deas.