Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tata Steel

Dh'iarr Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air Tata Steel ùine a thoirt dhaibh airson buidheann a lorg a cheannaicheas an gnìomhachas ann am Breatainn. Tha a' bhuidheann Ìnnseannach am beachd an obair gu lèir ann am Breatainn, anns a bheil mu 15,000 cosnadh, a reic. Tha an t-ionad as motha aca aig Port Talbot ann an ceann a deas na Cuimrigh, am measg na tha a' call airgid dhaibh.

Cìopras

Chaidh fear às an Èipheit mu choinneimh cùirte ann an Cìopras fo chasaidean mun phlèana a chaidh a chur am bruid an-dè. Thug Seif Eldin Mustafa, a tha 59 bliadhna de dh'aois, air plèana a bha air slighe eadar Alexandria agus Cairo a cùrsa atharrachadh gu Larnaca ann an Cìopras, agus e a' maoidheadh spreadhadh a dhèanamh. Chaidh a chumail an grèim airson ochd là fo smachd nam Poileas ann an Cìopras.

An Taghadh

Thuirt ceannard Làbarach na h-Alba, Kezia Dugdale, gum faodadh a plana airson àrd-ìre cìse teachd a-steach aig 50sg còrr is £100m a thogail. An-diugh tha Nicola Sturgeon ag innse mun airgead ùra a chuireadh an SNP ri taigheadas. Bidh ceannard nan Libearalach Deamocratach, Willie Rennie, ag innse mu chosgais air foghlam, agus bidh ceannard nan Tòraidheach, Ruth Davidson, ag èisteachd ri dragh mun phlana airson neach ainmichte a chur mu choinneimh gach leanaibh an Alba.

Dealan nan Eilean

Tha dòchas ann air dealan nas saoire do mhuinntir nan Eilean Siar ro dheireadh na bliadhna le aonta dhan tàinig Hebrides Energy le companaidh chumhachd nàiseanta. Tha Comhairle nan Eilean Siar, agus buidhnean poblach eile am measg na tha an sàs ann an Hebrides Energy - buidheann a tha ag iomairt airson dealain nas saoire dha na h-Eileanan.

Dùn Bhreatann an Iar

Tha stailc a' leudachadh am measg cuid de na tidsearan ann an sgoiltean air taobh siar Dhùn Bhreatann. Tha na tidsearan mì-thoilichte le atharrachadh ann an ruith nan sgoiltean, agus bheir an stailc buaidh an-diugh agus a-màireach air àrd-sgoiltean na sgìre gu lèir.

Croitearachd

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba a' gearain gu làidir air lèirsinn Riaghaltas na h-Alba do dh'àiteachas. Tha an Caidreachas, nam freagairt do cho-chomhairle an Riaghaltais air àiteachas a thòisich an-uiridh agus a thàinig gu ceann Dihaoine seo chaidh, ag ràdh gur e cùis-nàire a th' ann gur e dìreach aon turas a tha am facal "croitearachd" a' nochdadh anns a' phàipear sin.