Caidreachas a' diùltadh sealladh an Riaghaltais
- Air fhoillseachadh

Cha ghabh Caidreachas Croitearachd na h-Alba idir ri sealladh a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba airson àiteachas ann an Alba, 's iad mì-thoilichte mu cho beag 's a th' ann mu chroitearachd.
Thàinig a' cho-chomhairle phoblach air a' phàipear - air a bheil 'The Future of Scottish Agriculture' - gu crìch Dihaoine seo chaidh.
Tha Niall MacLeòid, a b' àbhaist a bhith na chathraiche air a' Chaidreachas, ag ràdh nach eil suim aig an Riaghaltas dha croitearachd.
"Chan eil agad ach am pàipear seo a leughadh," thuirt e.
"Mo bheachd fhìn, agus beachd na buidhne dham buin mi, 's e gu bheil mar a tha iad a' bruidhinn rinn, gu bheil e maslach.
"Naoi tursan a tha iad a' bruidhinn mu rudan a tha dùil aca a dhèanamh.
"'S ann aon turas a tha iad a' bruidhinn mu chroitearachd.
"Tha iad a' saoilsinn glè bheag de chroitearachd.
"Chan eil iad ag ràdh càil na aghaidh, ach chan eil iadsan a' coimhead àite ann airson croitearachd. Sin an eagal a th' oirnne.
"Tha iad ag ràdh gu leòr dha na tuathanaich mhòra. Dè cho beartach 's a tha iad 's dè mar a tha iad a' dol a dh'fhaighinn air adhart.
"Chan eil càil aca ann an seo ach "prothaid, prothaid, prothaid".
"Aig deireadh an là tha tòrr a bharrachd a' tighinn a-mach à croitearachd na dìreach prothaid.
"Tha sinn airson gun èist iad rinn, 's gun tig iad a-mach le rudan a tha nas fhreagarraiche do dh'Alba gu lèir.
"Nuair a chì thu an sgìre anns a bheil croitearachd - bho Earra-Ghàidheal an-àirde gu Sealtainn - an t-uabhas den talamh. A bheil iad a' dol a leigeil a h-uile càil a tha sin seachad airson nach eil sinne a' faighinn cuideachaidh bho dhaoine 's nach eil daoine a' saoilsinn tòrr dhinn? Bhiodh sin gu math tàmailteach, 's gu math deuchainneach.
"Tha gealltanas às dèidh gealltanais, ach chan eil càil a' tachairt," thuirt e.
Ann am brath a thug Riaghaltas na h-Alba seachad don BhBC, thuirt iad, leis gu bheil iomairt taghaidh a' dol an-dràsta, nach urrainn dhaibh càil ùr a ràdh aig an àm seo.
Ach thug iad iomradh air na thuirt iad roimhe, gum feum Alba poilesaidh àiteachais a fhreagras air feartan sònraichte tuathanais agus croitearachd anns an dùthaich.
Feumaidh am poileasaidh sin, thuirt iad, "cothromachadh a dhèanamh eadar a bhith a' seirbheiseachadh na margaidh agus maith na h-àrainneachd 's choimhearsnachdan dùthchail".