Bàs ann an tubaist air an A9
- Air fhoillseachadh

Bha an A9 dùinte son grunn uairean a thìde.
Chaidh aon neach a mharbhadh ann an tubaist eadar grunn charbadan air an A9 faisg air Dail Chuinnidh.
Thachair an tubaist mu 10:50m, agus thathas a' tuigsinn gur e boireannach a bhàsaich.
Chaidh co-dhiù aon duine eile a ghoirteachadh, a rèir nam Poileas.
Chaidh an rathad a dhùnadh gach taobh, le seach-shlighean gan cur air dòigh. Thuirt na Poilis gum bu chòir dùil a bhith aig daoine ri dàil.