Poilis a' lorg fiosrachaidh às ùr mu fhear air chall
- Air fhoillseachadh

Tha na Poilis air fios às ùr iarraidh mu Jason Gates, aois 36, à Hampshire, a chunnacas mu dheireadh air an 17mh am Màrt.
Chaidh grunn phìosan aodaich a lorg ann an sgìre Dhruim na Drochaid.
Thuirt oifigearan gun do lorg iad seacaid North Face bhuidhe agus briogais dhubh agus thathar a' creidsinn gur ann le Mgr Gates a tha iad.
Tha iomairt theasairginn air a bhith a' dol bho chionn chola-deug feuch lorg fhaighinn air an duine.
Chaidh an cù aige a lorg ann an Druim na Drochaid agus e air grunn chaorach a mharbhadh.
Tha Jason Gates 6'3", 's e caol, le falt goirid air liathadh agus bun feusaig air.