SSE fo ìmpidh beachdachadh a-rithist

  • Air fhoillseachadh
Bùth an HydroTùs an deilbh, Google

Thèid iarraidh air a' chompanaidh dealain SSE coimhead a-rithist air a' cho-dhùnadh na bùithean aca a dhùnadh.

Tha Scottish Hydro a' dùnadh a h-uile bùtha a th' air fhàgail aca an Alba.

Tha a' mhòr-chuid de na bùithdean air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan.

Am measg nam bùithdean a thèid a dhùnadh, tha an fheadhainn ann an Obar Dheathain, Craoibh, Inbhir Pheofharain, Dùn Bhlathainn, Dùn Dè, Farfar, Lèaruig, an t-Òban, Inbhir Narann, Peairt, Steòrnabhagh agus Dalabrog.

Thèid an dùnadh ro 15mh den Chèitean, agus SSE ag ràdh gu bheil iad a' call airgid.

Bheir an dùnadh buaidh air 120 cosnadh làn-ùine.

Thuirt a' chompanaidh gum feuch iad gun duine a chur a-mach às an dreuchd far an gabh sin dèanamh.

Tha Ball-Parlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, ag ràdh gun sgrìobh e gu Àrd-Stiùiriche na companaidh ag iarraidh orra beachdachadh air a' chùis a-rithist.

Thuirt fear de Chomhairlichean Uibhist a Deas 's Bharraigh, Raghnall MacFhionghain, gun do chuir an naidheachd ioghnadh air-san, 's a' bhùth ann an Dalabrog an còmhnaidh trang.

"Bha i uabhasach fhèin feumail air a' cheann seo den eilean, agus fiù 's a-null gu Beàrnaraigh 's a-null gu Èirisgeigh. Bhithinn fiù 's a' faicinn Barraich a' tighinn a-nall ann," thuirt e.

"Bidh tòrr ga h-ionndrainn, o chionn bha i uabhasach fhèin handy, nam briseadh rudeigin sìos.

"Nam falbhadh an t-iarrann agad, no coire no rud air choireigin, cha robh agad ach leum sìos, 's bha e agad ann an sin.

"Tha fhios agam gu bheil tòrr de bhùithdean a' gearain mar a tha iad ga dhèanamh air-loidhne a-niste.

"Ach mar a bha seo bha i uabhasach fhèin feumail dhan choimhearsnachd.

"Bha dùil agam, an t-seòrsa bùtha a bh' ann, bha i air a cumail gu math trang. Ach 's e droch naidheachd a th' ann.

"Tha coinneamh den chomhairle choimhearsnachd againn Diluain, agus bheir sinn air aghaidh e an sin.

"Feumaidh sinn bruidhinn ri SSE 's faighinn a-mach carson a tha iad ga dùnadh.

"Chan eil mi a' tuigsinn dè mar nach eil i a' dèanamh airgid, o chionn 's tha i gu math trang," thuirt e.