Tè a bhàsaich an tubaist ga h-ainmeachadh
- Air fhoillseachadh

Bha an A9 dùinte son grunn uairean a thìde.
Dh'ainmich na Poilis am boireannach a bhàsasich ann an tubaist-rathaid air an A9 Diciadain.
Bha Amanda Harold, a bha 44 is a bhuineadh do Chomair nan Allt, a' siubhal gu tuath air an A9 madainn Diciadain nuair a bhuail an càr aice càr eile faisg air Dail Chuinnidh.
Thachair an tubaist mu 10:50m.
Chaidh co-dhiù aon duine eile a ghoirteachadh, a rèir nam Poileas.
Chaidh an rathad a dhùnadh gach taobh greis ri linn.