Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Giblean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bailey Gwynne

Chaidh binn naoi bliadhna fo ghlais air an deugaire a chaidh a dhiteadh airson bàs a' bhalaich sgoile Bailey Gwynne ann na Obar Dheathain anns an Damhair an-uiridh. Agus chuir an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann dà bhliadhna eile fo stiùireadh mu a choinneimh nuair a thèid a shaoradh. Chaidh an deugaire, nach gabh ainmeachadh air adhbharan laghail, às àicheadh gun do rinn e murt, ach chaidh a dhiteadh air casaid nas lugha, marbhadh le coire.

Paige Docherty

Chaidh an duine a tha fo chasaid mu mhurt na h-ìghne sgoile à Bruaich Chluaidh, Paige Docherty, mu choinneimh na cùirte airson an dàrna uair. Cha do rinn John Leatham, a tha 31 bhliadhna de dh'aois, tagradh sam bith aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Dùn Bhreatann, agus thèid a chumail an grèim gus an tèid e mu choinneimh na cùirte a-rithist.

Tuarastal Bith-beò

Gheibh còrr is millean duine ann am Breatainn pàigheadh nas motha leis an tuarastal bith-beò ùr a thòisich an-diugh, aig £7.20. Ach chan fhaigh sin ach feadhainn a tha os cionn 25 bliadhna de dh'aois, agus tha dragh ann gum bi companaidhean agus ùghdarrasan poblach a' gearradh chosnaidhean ma bhios e doirbh dhaibh an t-àrdachadh sin a thoirt do luchd-obrach.

Stàilinn

Tha Rùnaire a' Ghnothachais, Sajid Javid, a' tadhail air ionad stàilinn Phort Talbot ann an ceann a deas na Cuimrigh, a th ann an cunnart dùnadh còmhla ri ionadan eile na buidhne ann am Breatainn. Thuirt Mgr Javid gun dèan an Riaghaltas na 's urrainn dhaibh airson obair Tata Steel anns an dùthaich seo a shàbhaladh. Ach tha na Làbaraich, agus Tata Steel ag ràdh nach robh aire an Riaghaltais air an staing sa bheil an ghnìomhachas.

Eaconamaidh na h-Alba

Chaidh maill air fàs eaconamach na h-Alba air a' chiad trì mìosan den bhliadhna, a rèir sgrùdaidh do Bhanca Rìoghail na h-Alba. Thuirt RBS gur e prìs ìosal na h-ola agus nas lugha de stuth ga reic a-mach às Alba as motha as coireach, ged a tha iad a' sùileachadh adhartais anns na sia mìosan ri teachd.

An Hydro

Iarraidh Ball nan Eilean Siar ann an Westminster, Aonghas Brianan MacNèill, air SSE coimhead a-rithist air co-dhùnadh na bùthainnean Scottish Hydro a th' aca air fhàgail an Alba a dhùnadh. Tha 37 dhiubh sin ann, a' mhòr-chuid dhiubh air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, agus bheir an dùnadh buaidh air 120 cosnadh làn-ùine.

Amalachadh Slàinte

Tha seirbheisean slàinte is cùraim an Alba a' dol còmhla gu h-oifigeil mar aon bhuidhinn an-diugh. Fàgaidh sin 31 caidreachas ionadail air feadh Alba a' roinn buidseat de £8bn. Tha an t-amaladh seo ag amas mar aon eisimpleir, air cùram ceart a thoirt do dh'euslaintich an dèidh ùine anns an ospadal.

Loch Obha

Tha dragh air muinntir Loch Obha ann an Earra-Ghàidheal mu phlana airson tuath-gaoithe agus ionad dealain faisg air Àird Breicinis. Sgrìobhaidh a' chomhairle choimhearsnachd gu SSE 's iad a' togail dragh mun bhuaidh a dh'fhaodadh an leasachadh a thoirt air siostam an uisge aca.