Iomairt 'son fear a tha a dhìth mu thuath

  • Air fhoillseachadh
Jason Brightwell SmithTùs an deilbh, Poilis na h-Alba

Tha Poilis na h-Alba fhathast a' sireadh fiosrachaidh mu Justin Brightwell Smith, a tha a dhìth bho sgìre Avon 's Somerset ann an Sasainn.

Buinidh e do Yeovil ann an Somerset bho thùs, ach tha dùil gun do shiubhail e chun na sgìre timcheall Inbhir Theòrsa.

Tha e 5'11" de dh'àirde, caol agus le falt goirid donn.

Chaidh fear leis an aon choltas fhaicinn anns a' Bhlàran Odhar Dimàirt an 29mh den Mhàrt,

Bha ad chlòimh glas air an duine, seacaid uisge uaine, briogais dhubh 's glas agus miotagan orainds.

Bha e a' giùlain màileid-droma dhubh 's glas, 's bha baga-guailne buidhe agus buidhe-gheal aige.

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith a dh'fhaodadh a bhith air duine coltach ris fhaicinn, brath a chur thuca air an àireamh fòn 101.